Mo ghaol, mo ghràdh, is m'eudail thu M'iunntas ùr is m'eibhneas thu Mo mhacan àlainn ceutach thu Cha'n fhiu mi fhein a bhi nad'dhail Alleluia, alleluia, alleluia, alleluia Tha mi 'g altrum Righ na Mòrachd! 'S mise màthair Dhe na Glòrach! Nach buidhe, nach sona dhòmhsa! Tha mo chridhe làn de shòlas Alleluia, alleluia, alleluia, alleluia Mo ghaol an t-suil a sheallas tià Mo ghaol an cridh' tha liont' le gràdh Ged is leanabh thu gun chàil Is lionmhor buaidh tha ort a' fàs Alleluia, alleluia, alleluia, alleluia