Gruagach òg an fhuilt bhàin Éisd ri bàrdachd mo bhilean Thoir dhomh gealladh thar chaìch 'S air do sgàtha ni mi tilleadh Ged 's iomadh té 's an robh m'ùigh Anns gach dùthaich is cinneadh O nach aontaich thu leam 'S mi bhiodh sunndach 'gad shireadh Ged theireadh do chàirdean Gur tràth thug mi'n gealladh Do gruagach òg an fhuilt bhàin A chaidh àrach am Barraidh 'S iomadh fear anns gach àit' Rinn a nàdur a mhealladh Co bheir maorach á tràigh Nuair tha'n làn air tigh'nn thairis 'S truagh nach robh mi mar eun Ite sgiathan gun ghiorradh 'S mi gun siùbhladh an iarmailt 'S mi nach iarradh gu tilleadh Bu mhór m'aighear 's mo shunnd Togail cùrs' thar gach linne 'S nuair a dhealaicheadh tu rium Bhiodh mo shùilean a' sileadh Chaidh do chliu chur an dàn 'S tha do chànan aig filidh Chaidh do thogail is t'árach Ann am fàsaichean Uibhist 'S e gaol carraig nan àl Leanas nàdur an duine 'S tu mo reul fad gach làtha 'S bidh mo ghràdh far an suidh thu